Iomagain mun Chreideas Choitcheann

Fhuair aithisg ùr gur gann a tha cuid de dhaoine ann an taighean comhairle air a' Ghàidhealtachd, 's a tha a' faighinn a' Chreideis Choitchinn, a' dèanamh a' ghnothaich air màl a phàigheadh.

Tha oifigich aig Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil fiachan màil dhaoine san t-suidheachadh seo a dhà gu leth uiread nas àirde na bha mus deach siostam ùr nan sochairean sòisealta a stèidheachadh.

Tha a' Chomhairle den bheachd gur e an ùine a th' aig daoine ri feitheamh airson airgead fhaighinn tron sgeama ùr a bu choireach.

Feumaidh daoine fon Chreideas Choitcheann feitheamh còig seachdainnean gus a' chiad chnap-airgid fhaighinn.

A rèir nan oifigeach, bu chòir dùil a bhith ann ri àrdachadh a bharrachd ann am fiachan màil mar a thèid barrachd dhaoine air a' Ghàidhealtachd dha siostam ùr nan sochairean eadar seo is 2020.

Thuirt oifigich gum bu chòir dhan Chomhairle sùil gheur a chumail air a' ghnothach is taic is stiùireadh a thoirt seachad dhan fheadhainn a tha a' fulang.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile