Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sharm el Sheikh

Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil iad ag obair còmhla ri companaidhean adhair gus piseach a thoirt air tèarainteachd aig Port-adhair Sharm el Sheikh gus am faigh itealain Bhreatannach air sgèith às an Èipheit a-rithist. Chaidh casg rè ùine a chur an sàs an-raoir, agus fiosrachadh air nochdadh gum faodadh gur e boma a dh'adhbharaich an tubaist anns an do thuit itealan Ruiseannach às an adhair Disathairne, a' marbhadh a h-uile duine a bh' air bòrd. Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Philip Hammond, gun robhar dòchasach gun tòisicheadh seirbheisean adhair a-rithist a-màireach.

Brathadh

Tha MI5 air fiosrachadh a chruinneachadh air cò thuige a tha daoine air a bhith a' fònadh bho na dachaighean aca anns an Rìoghachd Aonaichte thairis air an deich bliadhna mu dheireadh. Nochd fios mun iomairt nuair a dh'fhoillsich an Riaghaltas na planaichean aca gus atharrachadh a thoirt air na riaghailtean co-cheangailte ri cumhachdan brathaidh nam Poileas agus buidhnean tèarainteachd. Chaidh am prògram a chumail dìomhair fiù 's taobh a-staigh MI5 fhèin.

VW

Tha àireamhan a th' air nochdadh madainn an-diugh a' dèanamh dheth gu bheil sgainnealan air buaidh a thoirt air na chaidh a reic de chàraichean Volkswagen bho chionn ghoirid. Thuit na chaidh a reic de chàraichean ùra san Dàmhair cha-mhòr 10% an coimeas ris an aon àm an-uiridh. Thuit an àireamh de chàraichean a chaidh a reic anns an fharsainneachd 1% aig an aon àm.

Cunntas na Croitearachd

Thèid na bileagan airson an dàrna cunntais chroitearachd a chur a-mach anns an Dùbhlachd. Thuirt Coimisean na Croitearachd gun robh iad a' sùileachadh gum biodh e na b' fhasa do chroitearan a lìonadh am-bliadhna an taca ris an-uiridh. Bha dùil gun deadh na foirmichean a chur a-mach air a' mhìos a chaidh seachad, ach chaidh dàil a chur ann air sgàth siostam coimpiutaireachd ùir a' Choimisein. Sheall a' chiad chunntas gum faodadh gu bheil còrr air 2,000 croitear a' briseadh nan riaghailtean.

Measan is Lusan

Tha dotairean Albannach ag iarraidh gum faigh a h-uile leanabh anns a' bhun-sgoil aon phìos de lusan no measan an asgaidh a h-uile là. Dh'iarr Comann Meidigeach Bhreatainn seo ann an iarrtasan a chuir iad gu pàrtaidhean poileataigeach air thoiseach air taghaidhean Holyrood an ath-bhliadhna. Thuirt am BMA nach eil ach 11 a-màch à 32 chomhairle a' tabhann lusan no measan an asgaidh do sgoilearan. Chan eil sgoilearan nas sine na P3 a' faighinn càil aig an ìre seo.