Ionad ùr san amharc an Stafainn
- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh gun tèid ionad-tadhail agus pàirce-chàraichean a thogail ann an Stafainn.
'S ann às Urras an Taobh Sear a tha am beachd a' tighinn is iad ag ràdh gum faodadh leasachadh mar seo fuasgladh a thoirt air duilgheadasan pàircidh san sgìre.
Rinn na Poilis gearan nas traithe am-bliadhna gun robh trioblaid ann le parcadh chàraichean aig làraich air am bi luchd-turais a' tadhail.
Thuirt Urras an Taobh Sear gun toireadh ionad ùr faisg air an Stòrr goireasan dha daoine a tha a' tighinn, is gu dearbh gur ann a dh'fhaodadh e an tuilleadh a thàladh.
Thuirt iad gu bheil iad den bheachd gu bheil còrr is 100,000 duine air tadhal air an làraich mar-thà am-bliadhna.
Tha iad air bruidhinn ri Comhairle na Gàidhealtachd aig a bheil còrr is 200 acair aig an Stòrr.
'S e plana an Urrais ionad-tadhail le taighean-beaga, uinneag-bidhe is pàirce-chàraichean a thogail.
"Cothrom"
"Tha cothrom againn an seo goireas air leth, air a bheil cruaidh fheum, a stèidheachadh", thuirt cathraiche Urras an Taobh Sear, Dòmhnall Dòmhnallach.
"Nì sinn co-chomhairle gus am faigh sinn an goireas as fheàrr a th' ann is nì sinn ceangal le làraich chudromach eile sa choimhearsnachd", thuirt e.
Thàinig taic bho chathraiche Comataidh Dealbhachaidh Comhairle na Gàidhealtachd, Audrey Nic na Ceàrdaich.
"Bidh tòrr luchd-turais a' tadhal air an sgìre seo is bidh gu leòr dhuibh, is gu leòr às an àite fhèin, a' dol dhan Stòrr.
"Bidh còmhraidhean a bharrachd againn mun phlana seo gus barrachd smachd air an làraich a chur ann an làmhan na coimhearsnachd.
"Dh'iarrainn air muinntir an àite am beachdan mun seo a chur gu Urras an Taobh Sear", thuirt i.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 6 An t-Samhain 2015
- 19 An Lùnastal 2015