Aiseag
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Uibhistich 'son ceangal an Òbain a chumail

6 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh air nochdadh ann an Uibhist mun chlàr-ama a tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' moladh airson Samhradh na h-ath-bhliadhna.

Ged a rinn daoine toileachas mòr ris a' mholadh gus seirbheis gach là a stèidheachadh eadar Loch Baghasdail is Malaig, tha iomagain air nochdadh a-nise gun sguireadh an t-seirbheis eadar Loch Baghasdail 's an t-Òban.

Tha croitearan is cuid de luchd-gnothachais gu h-àraidh an-fhoiseil.