Plana lioncs "gu tur gòrach"
- Air fhoillseachadh

Rinn croitearan càineadh làidir air moladh gus an lioncs a thoirt air ais a dh'Alba.
Thathas a' smaointinn gun deach am beathach à bith an Alba bho chionn timcheall air 1,500 bliadhna.
A-nise ge-tà, tha co-chomhairle air tòiseachadh aig Urras Lioncs na Rìoghachd Aonaichte air plana gus na beathaichean a leigeil ma sgaoil ann an sgeama-dearbhaidh.
Tha iad a' moladh an sgeama a thòiseachadh an 2016 is gum maireadh e gu 2021.
Thuirt an t-Urras gur e mac an duine a chuir às dhan lioncs am Breatainn is gun dèanadh e feum dhan àrainneachd an toirt air ais.
Thuirt iad gun cumadh na beathaichean smachd air fèidh is nach biodh iad nan cunnart do dhaoine.
Soirbheachadh
A rèir na buidhne, tha sgeamaichean den leithid air soirbheachadh mar-thà ann an dùthchannan Eòrpach eile.
Chan eil taic idir a' tighinn bho Chaidreachas Croitearachad na h-Alba ge-tà.
Rinn an Caidreachas càineadh làidir gu sònraichte air pàipear bhon Urras a thuirt gun itheadh gach lioncs "0.4 caora gach bliadhna".
Thuirt iad gun robh coltas ann gun robh an t-Urras coma mun chall a bhiodh ann.
"S e rud gu tur gòrach a th' ann", thuirt Alasdair MacMhaoirn bho Chaidreachas Croitearachad na h-Alba.
"Cha robh na beathaichean againn 'son 1,500 bliadhna, carson a tha sinn gan toirt air ais a-nise?
"Eòlaichean"
"Tha fhios 'am gu bheil eòlaichean, ma 's fhìor, ag ràdh gum bu chòir dhan bheathach a bhith ann airson maith na h-àrraineachd, ach tha mi làn-chinnteach gur e eòlaichean a thug rabaidean gu Astràilia is mionc dha na h-eileanan is tha làn-fhios againn ciamar a dh'obraich sin a-mach.
"Chanainn nach eil e dha-rìribh cinnteach dè an call a bhiodh ann ach feumaidh na beathaichean rudeigin ithe.
"Tha na beathaichean sin gu bhith ag ithe na tha furasta ri fhaighinn agus bhiodh e fada na b' fhasa a bhith a' faighinn grèim air caora, no gu h-àraidh uan, na bhiodh e 'son fiadh.
"Tha iad a' bruidhinn air àrainneachd a thaobh bheathaichean. Dè mu dheidhinn àrainneachd a thaobh muinntir an àite le cànan is cultar? Chanainn gu bheil sin ann an cunnart fada nas motha na cuid de na beathaichean.
"B' fheàrr leam rudeigin a dhèanamh airson na Gàidhlig, airson cultar a chumail beò is falain is làidir, na a bhith a' smaointinn air droch aisling air beathaichean a thoirt a-steach nach robh againn 'son còrr is 1,000 bliadhna", thuirt e.
Thig co-chomhairle Urras Lioncs na Rìoghachd Aonaichte gu ceann air an 9mh den Dùbhlachd.