Gearraidhean gan deasbad an Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
Caisteal Cill MhoireTùs an deilbh, Patrick Mackie / Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Tha moladh ann prìomh oifisean na Comhairle, Caisteal Cill Mhoire, a reic.

Coinnichidh Buill-Phàrlamaid ri Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid Dihaoine 's iomagain orra mu ghearraidhean a tha san amharc aig a' Chomhairle.

Tha Brianan Ó hEadhra à Westminster agus Mìcheal Ruiseal is Michael MacCoinnich à Holyrood, a tha uile a' riochdachadh an SNP, ag ràdh gu bheil mì-thoileachas air feadh na sgìre mu na gearraidhean.

Bidh còmhraidhean aca ri Ceannard na Comhairle, Dick Walsh.

Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid mar-thà gum feum iad suas ri £26m a ch`umhnadh eadar seo is 2021.

Sàbhalaidhean mòra

Tha iad ag ràdh gu bheil am maoineachadh a' tuiteam gu mòr is nach eil dol às aca ach sàbhalaidhean mòra a dhèanamh.

Thuirt iad gur ann bho Riaghaltas na h-Alba a tha 80% den airgead a tha iad a' faighinn.

Chuir iad romhpa £9m a shàbaladh sa bhliadhna ri tighinn.

Fo na molaidhean a th' aca, dh'fhaodadh gun tèid na ceudan de dh'obraichean a chall.

Dòighean eile

A rèir nam Ball-Pàrlamaid, bu chòir coimhead air dòighean eile gus airgead a shàbhaladh.

Thuirt iad gum bu chòir beachdachadh air prìomh oifisean na Comhairle, Caisteal Cill Mhoire, a reic, agus cuid de dh'àrd-oifigich an ùghdarrais a chur às an dreuchdan.

Chaidh molaidhean den t-seòrsa sin a chur air adhart mar-thà aig coinneimh den Chomhairle bho chionn ghoirid, is cha do ghabh an Comh. Walsh riutha.

Thig co-chomhairle an ùghdarrais air na sàbhalaidhean aca gu ceann aig deireadh na bliadhna.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh