Taic ga sireadh do dh'fhògarraich

Dh'iarr Eaglais na h-Alba ann an Inbhir Nis taic muinntir na sgìre airson fàilte is àite-fuirich a thoirt do dh'fhògarraich à Siria.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd an dùil àite fhaighinn do 100 duine a th' ann an campaichean ann an Lebanon agus ann an Iòrdan.

Tha dùil ris na fògarraich air a' Ghàidhealtachd às dèidh na Nollaige.

Dh'iarr Clèir Inbhir Nis den Eaglais air duine sam bith anns a' bhaile aig a bheil dàrna taigh falamh beachdachadh air a thoirt dhan Chomhairle.

Thuirt iad gum faigh na fògaraich sochair-taigheadais is mar sin gum bi e comasach dhaibh màl a phàigheadh.

Thuirt Vivian Roden bhon Chlèir gu bheil iad airson is gum bi àite ann far an tig na fògarraich cruinn còmhla, is mar sin gum b'fheàrr leotha àiteachan-fuirich fhaighinn dhaibh ann an Inbhir Nis seach ann an sgìrean iomallach.

Tha a' Chlèir cuideachd ag iarraidh daoine gus fàilte a chur air na fògarraich is comhairle a thoirt dhaibh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile