Tha barrachd 's barrachd òigridh a' dol an sàs an rugbaidh ann an Leòdhas.
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rugbaidh a' fàs an Leòdhas

7 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha barrachd 's barrachd òigridh a' dol an sàs an rugbaidh ann an Leòdhas, 's oidhirp shònraichte ga dèanamh le Sgoil MhicNeacail air tuilleadh chloinne a thàladh chun na spòrs.

Ged a tha duilgheadas ann fhathast geamaichean a chur air adhart air Tìr-Mòr, tha sgiobaidhean aig diofar ìrean ann a-nis, a' cur ri misneachd son an àm ri teachd.