Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Stri an aghaidh gearraidhean an Earra-Ghàidheal

9 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bheir Ceannardan Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid agus luchd-poileataigs Nàiseantach na sgìre argamaid gu Riaghaltas na h-Alba gu bheil an sgìre ann an suidheachadh sònraichte 's feumach air taic a bharrachd.

Bha na buill air an ùghdarras a chàineadh roimhe a thaobh nan gearraidhean a tha san amharc aca.

Gheall iad obrachadh còmhla, ge-tà, 's aig a' Chomhairle ri £9m a shàbhaladh am-bliadhna 's an ath-bhliadhna cuideachd.