"S e Loch Baghasdail Malaig a bha iad ag iarraidh"

Lord of the Isles

Thuirt Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil, gu bheil e ao-coltach gun tèid iomairt a dhèanamh airson an t-seirbheis aiseig eadar Uibhist a Deas agus an t-Òban a ghlèidheadh, is gum bu chòir do dhaoine gach oidhirp a dhèanamh gus an soirbhich an t-seirbheis eadar Loch Baghasdail is Malaig.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh seirbheis gach là a stèidheachadh eadar Loch Baghasdail is Malaig bho Shamhradh 2016.

Mar phàirt den chrathadh air na seirbheisean, chailleadh Loch Baghasdail an ceangal a th' ann leis an Òban.

Nochd cuid de chroitearan is luchd-gnìomhachais gu sònraichte dragh mun bhuaidh a bheireadh sin orra.

Thuirt Mgr MacIlleMhaoil gun robh fios aig Stòras bho thùs nach gabhadh an ceangal ris an Òban a ghlèidheadh nam biodh seirbheis Mhalaig ga stèidheachadh, is gun gabh fuasgladh fhaighinn air na draghan a tha air nochdadh.

"An aon dòigh"

"Seo an aon dòigh a bha e a' dol a dh'obrachadh a thaobh an aiseig a th' ann, an Lord of the Isles", thuirt e.

"Tha i a' ruith eadar Loch Baghasdail is Malaig, sin a bha sinn ag iarraidh, is gum biodh i againn seachd là san t-seachdain, tha sin againn.

"Bha fhios againn nach robh an t-slighe eadar Loch Baghasdail agus an t-Òban gus a bhith ann", thuirt e.

Dh'innis e gum faod daoine siubhail air an aiseag eadar Loch Baghasdail is Malaig is dràibheadh às a sin chun an Òbain, is gum bi sin fhathast nas luaithe dhaibh na an t-seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdail, Bàgh a' Chaisteil is an t-Òban.

Thuirt e cuideachd gum faodadh coimhead air uairean an aiseig eadar Èirisgeigh is Bàgh a' Chaisteil feuch an gabh an atharrachadh gus am freagair iad air daoine a tha a' tighinn às no a' falbh dhan Òban.

'S dòcha uaireigin anns na bliadhnaichean ri tighinn gun gabh coimhead ri Loch Baghasdail is an t-Òban a-rithist, thuirt e.

Cùmhnant

Tha e ag ràdh ge-tà, gur e an rud as cudromaiche a th' ann aig an ìre seo dèanamh cinnteach gun soirbhich leis an t-seirbheis eadar Loch Baghasdail is Malaig gus an tèid a dhearbhadh ann an cùmhnant nan aiseagan.

"Tha gnìomhachasan ann an Uibhist ag ràdh riumsa an-dràsta gur e seo an rud as fheàrr agus an rud as motha a thachair bho chionn 30 bliadhna airson Uibhist.

"Bu chòir dhuinn coimhead air sin agus gabhail ris agus gnothaichean a chur air dòigh ma dh'fheumas iad cur air dòigh a-rithist.

"Seo an rud a bha a dhìth air muinntir Uibhist. Bha sin anns a h-uile coinneamh a bh' againn, gun e Loch Baghasdail Malaig a bha iad ag iarraidh.

"Tha sin a-nise againn. Bu chòir dhuinn feum a dhèanamh dheth agus sealltainn gur e bhios ann tuilleadh", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile