Sgoilearan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Laigsean am FTMG gan togail

9 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

'S e glè bheag de na chaidh tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig 'sa chiad dol a-mach a tha fhathast ga bruidhinn.

A rèir sgrùdaidh ùir bhon bhuidhinn Soillse, tha nas lugha na cairteal dhiubh a-nise a' cleachdadh na cànain gu cunbhalach.

'S e seo a' chiad uair a chaidh sgrùdadh mar seo a dhèanamh,.

Tha am fear a bha air a chùlaibh, an t-Ollamh Stiùbhart MacIlle Dùin Mhòir, ag ràdh gu bheil an rannsachadh a' sealltainn laigsean ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig an àm agus nach cum foghlam lèis fhein an cànan beò.

Thuirt e gu bheil feum air adhartas a bharrachd aig ìre àrd-sgoile agus cothroman a bharrachd do dh'òigridh Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh na sgoile.

Bhruidhinn Iain MacDiarmaid ris an Ollamh MacIlle Dùin Mhòir.