Loganair fon phrosbaig a-rithist

  • Air fhoillseachadh
Plèana Loganair

Dh'aidich Loganair gun tàinig air plèana a bha a' siubhail eadar Manchester is Inbhir Nis tilleadh dhan phort-adhair Shasanach air sgàth trioblaid theicnigich.

Dh'fhalbh am plèana mu 4:30f Dihaoine ach cho-dhùin am pìleat tilleadh gu Manchester às dèidh do thrioblaid nochdadh ann an siostaman a' phlèana.

A rèir aithris, chaidh innse dhan luchd-siubhail an deisealachadh fhèin mus do landaig am plèana agus a bhith mothachail an robh lasairean air na sgiathan.

Dragh

Thàinig e am bàrr air a' mhìos seo chaidh gun robh dragh air aonadh nam pìleatan, BALPA, mu shuidheachadh Loganair.

Sgrìobh an t-aonadh chun na companaidh is iad ag ràdh gun robh roinn-innleadaireachd Loganair ann an suidheachadh èiginneach.

A rèir BhALPA, tha dùbhlan ro na h-innleadairean na plèanaichean a tha a' frithealadh air na h-eileanan a chumail aig an ìre a bu chòir.

Thàinig e am bàrr an uair sin gun do nochd trioblaid eile le plèana Loganair ann an Steòrnabhagh.

Sgàin

Dh'aidich a' chompanaidh gun do lorg pìleat sgàin ann an tè de na propeilearan air plèana a bha gus falbh à Steòrnabhagh gu ruige Ghlaschu.

Thuirt am BPA Làbarach air a' Ghàidhealtachd, Dàibhidh Stiùbhart, gu bheil dùil aige suidheachadh Loganair a thogail le Riaghaltas na h-Alba.

Tha Loganair ag ràdh gu bheil na plèanaichean aca sàbhailte is nach fhalbhadh pìleat le plèana nam biodh ceist sam bith ann mu shàbhailteachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh