BBC Naidheachdan

An A9 fosgailte a-rithist

Published

Chaidh an A9 fhosgladh a-rithist feasgar Diluain às dèidh tubaist sa mhadainn.

Thachair an tubaist mu 9.45m faisg air ceann-rathad Drochaid Chàrr.

Bha dà chàr agus dà làraidh san tubaist.

Bha còignear a' siubhail anns na carbadan agus chaidh aonnan dhuibh a ghoirteachadh gu ìre bheag.

Chaidh an rathad a dhùnadh às dèidh na tubaist

B' urrainn do dhràibhearan gu deas cumail orra air an t-slighe tro Dhrochaid Chàrr, ach cha robh rathad eile ann do dhràibhearan a bha a' dol gu tuath.

Chaidh an rathad fhosgladh goirid ro 1.00f.

Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùinn.