"Tuilleadh airgid a dhìth airson prògraman Gàidhlig"

BBC Alba

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh gun cuireadh am BBC barrachd airgid ri prògraman Gàidhlig, agus gun deadh a dhà uidhir de phrògraman ùra a dhèanamh airson BBC Alba.

Chuir Urras a' BhBC air chois an sgrùdadh mu dheireadh aca Diluain air a' chàirt-chraolaidh ann an Alba, a' Chumrigh agus Èirinn a Tuath.

Thuirt an Comhairliche Gàidhealach, Hamish Friseal, a tha na chathraiche air Buidheann Buileachaidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, gu bheil craoladh Gàidhlig airidh air barrachd taic, gu h-àraidh an taca ri na mion-chànain eile a' faighinn.

"Tha sinne a' faicinn luach na cìse telebhisein a tha daoine a' pàigheadh dhan BhBC, chan eil sinn a' faighinn mòran a-mach às a sin a' tighinn a-steach dhan Ghàidhlig, gu h-àraidh coltach ris an airgead a tha a' tighinn a-staigh bhon Chuimrigh dhan chànan acasan ", thuirt an Comh. Friseal.

"Pìos beag"

"Tha sinne a' faighinn pìos beag den airgead is tha e duilich dhuinn a bhith a' faicinn ciamar a tha sin cho beag an taca ris na tha iad a' faighinn ann an dùthchannan eile.

A rèir Chomhairle na Gàidhealtachd, bu chòir dhan BhBC a bhith a' toirt seachad 10 uairean a thìde de phrògraman ùra do BhBC Alba gach seachdain.

Thuirt an Comh. Friseal gum bu chòir naidheachdan a bhith ann air an deireadh-sheachdain agus dh'iarr e gu sònraichte prògraman a bharrachd anns am biodh ùidh aig òigridh.

Thuirt e gu bheil còrr is 3,000 paisde air a' Ghàidhealtachd a tha a' dol tro fhoghlam Ghàidhlig no a tha ag ionnsachadh a' chànain san sgoil.

Dhèanadh prògraman a bharrachd dhaibhsan feum mòr, thuirt e.

Inbhe

Tha e a' cumail a-mach cuideachd gu bheil cothrom ann togail a bharrachd a thoirt do'inbhe na Gàidhlig.

"Tha sinn den bheachd gu bheil pàirt mòr aig na meadhanan a bhith a' cluich anns an obair a tha a' dol air adhart air feadh Alba timcheall air a' Ghàidhlig an-dràsta.

"S e telebhisean agus an eadar-lìon a tha an fheadhainn òga a' coimhead an-diugh.

"Sin na meadhanan a tha sinn a' faicinn a tha gu math cudromach gu bheil sinn a' dèanamh cinnteach gu bheil daoine a' tuigsinn dè tha a' dol air adhart agus a' toirt dhaibh adhbhar tighinn chun na Gàidhlig, no a bhith ag ùisnicheachadh na Gàidhlig, no a bhith a' tuigsinn beagan a bharrachd dè an luach a th' anns a' Ghàidhlig", thuirt e.

Thèid an gnothach a dheasbad le Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig Diardaoin.

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile