Urras Iain Mhuir "nas misneachaile"

Crann-gaoithe

Thuirt Urras Iain Mhuir gu bheil iad a-nise nas misneachaile gu bheil "talamh fhiadhaich" an Alba ga dìon.

Tha a' bhuidheann air an dòigh gun do dhiùlt Riaghaltas na h-Alba ath-thagradh bho chompanaidh a bha airson tuath-gaoithe a thogail faisg air Beinn Uais.

Bha Comhairle na Gàidhealtachd mar-thà air cur an aghaidh nam planaichean aig PI Renewables 'son leasachadh 14 crann deas air a' bheinn.

Chaidh mapa ùr bho SNH a tha a' sealltainn "talamh fhiadhaich na h-Alba" a stèidheachadh an-uiridh.

Diùltadh

Anns na beagan mhìosan a dh'fhalbh, chaidh tuathan-gaoithe a dhiùltadh ann an grunn de na sgìrean a tha a' nochdadh air a' mhapa - Gallaibh, Siorrachd Pheairt agus Gleann Afraic nam measg.

Thuirt Urras Iain Mhuir gun tug e dòchas dhaibh gun do thog an Riaghaltas air a' bhuaidh a bhiodh ann air "talamh fhiadhaich" nan rachadh leasachadh Beinn Uais air adhart.

Tha iad ag ràdh gu bheil coltas ann gu bheil am mapa ga chleachdadh a-nise mar bhun-stèidh 'son co-dhunaidhean air tuathan-gaoithe.

Thuirt an t-Urras gu bheil iad an dòchas gun aithnich companaidhean cumhachd a-nise nach eil coltas ann gum faigh iad cead leasachaidhean a chur air adhart ann an sgìrean le inbhe "talamh fhiadhaich".

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile