Càineadh air na Poilis aig tuath
- Air fhoillseachadh

Fhuair aithisg ùr gum bu chòir ionad-fòn nam Poileas an Inbhir Nis a chumail fosgailte aig an ìre seo.
Tha Àrd-Neach-Sgrùdaidh nam Poileas, Derek Penman, cuideachd ag ràdh gu bheil laigsean anns cho luath is a tha Poilis ann an ceann a tuath na h-Alba a' freagairt ghairmean-èiginn.
Rinn Mgr Penman sgrùdadh air mar a tha Poileas Alba a' dèiligeadh ri gairmean-èiginn.
Chaidh a chur air dòigh às dèidh tubaiste air an M9 as t-Samhradh san deach dithis a mharbhadh.
Thug e trì là às dèidh dha na Poilis gairm-èiginn fhaighinn a dhol gu làrach na tubaiste.
San aithisg aige, fhuair Mgr Penman gun robh laigsean san dòigh sa bheil Poileas Alba a' dùnadh cuid de na h-ionadan-fòn aca.
Targaid
Dh'innis e nach deach 18% de ghairmean 101 sa cheann a tuath a fhreagairt taobh a-staigh na targaid de 40 dìog.
Thug gearraidhean ann an àireamhan luchd-obrach agus dìth stiùiridh buaidh air sin, thuirt e.
Tha Mgr Penman ag ràdh gum bu chòir dhan t-siostam a dhèanamh nas seasmhaiche.
Thuirt e san eadar-ama nach bu chòir planaichean 'son ionadan-fòn an Inbhir Nis is Obar Dheathain a dhùnadh a dhol air adhart idir.
Chaidh dàil a chur air na planaichean sin mar-thà.
Dh'iarr Mgr Penman gun tèid na h-ionadan a chumail fosgailte gus am bi dearbhadh neo-eisimileach ann gu bheil Poileas Alba comasach air dèiligeadh ri cùisean às an aonais.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An t-Sultain 2015