Bann-leathann
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Mì-thoileachas mu bhann-leathann sna Hearadh

10 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt Urras Taobh Siar na Hearadh gu bheil mì-chinnt mu cuin a gheibh an sgìre bann-leathann luath a' cur maill air na h-oidhirpean aca leasachadh a thoirt air an àite.

Tha iad ag ràdh gu bheil na h-uimhir de phròiseactan aca nach tèid air adhart às aonais bann-leathann luath.

Thuirt an t-Urras gu bheil teaghlaichean òga ann a thilleadh dhan sgìre nam biodh bann-leathann luath ann.