Cead do leasachadh sa Ghearasdan
- Air fhoillseachadh

Chuir comhairlichean Gàidhealach taic ri plana airson seann sgoil anns a' Ghearasdan atharrachadh gu oifisean comhairle.
Cosgaidh an leasachadh air seann Àrd-sgoil a' Ghearsdain air Rathad Achadh an Todhair £6m.
Chaidh an togalach a dhealbh leis an ailteir chliùteach Alasdair Ros is chaidh a chrìochnachadh ann an 1876, ach dhùin an sgoil bho chionn còrr is 40 bliadhna.
Chan urrainn dhan Comhairle a leagail leis gu bheil e air a chlàradh aig ìre B aig Alba Aosmhor.
Leasachadh
Thèid pìos ùr a chur ris an togalach a-nise.
Bidh goireasan poblach agus oifisean ann, a thuilleadh air seòmar deasbaid dhan chomhairle.
Thèid togalaichean eile air an làraich nach eil air an clàradh a leagail.
Bhòt buill air Comataidh Dealbhachaidh a Chinn a Deas 15-2 gus taic a chur ris a' phlana.