Moladh bun-sgoil a dhùnadh

Bun-sgoil Inbhir Àsdail Image copyright Roger McLachlan/Geograph

Thèid iarraidh air comhairlichean air Ghàidhealtachd bun-sgoil air taobh siar Rois a dhùnadh builleach glan.

Chaidh bun-sgoil Inbhir Àsdail a dhùnadh rè ùine ann an 2012 nuair nach robh ach dithis chloinne ga frithealadh.

Tha na sgoilearan a-niste a' dol gu bun-sgoil Pholl Iù - coig mìle sìos an rathad bhon t-seann sgoil.

Tha Comhairle an Gàidhealtachd a-niste am beachd an sgoil a dhùnadh builleach glan.

As t-Samhradh chaidh co-chomhairle phoblach a chur air dòigh.

Thèid an aithisg dheireannach air a' chùis air beulaibh chomhairlichean Diciadain.

Tha muinntir na sgìre a' cur taic ris na planaichean fhad 's a bhios cothrom aca an togalach a ghabhail thairis agus a chur gu feum.