Dà phòla coiseachd gan lorg an Gleann Comhann

Tha na Poilis air dà phòla coiseachd a lorg ann an sgìre Ghlinne Chomhann, far a bheil fireannach air a bhith a dhìth fad cha-mhòr dà mhìos.

A rèir nam Poileas, tha Robin Garton à Wiltshire gu math eòlach air na beanntan.

Fhuaireas lorg air dà bhata de sheòrsa Leki, dubh agus òr nan dath, air an Aonadh Eagach.

Tha na Poilis ag iarraidh fios fhaighinn bho dhuine sam bith a dh'fhàg no a chaill batachan den t-seòrsa seo anns an sgìre.