Barrachd eun mara an Alba
- Air fhoillseachadh

Bha àrdachadh san àireamh eun mara a bh' air àlachadh ann an Alba am-bliadhna, ged a bha samhradh gu math mì-fhàbharach ann dhaibh.
Thuirt RSPB na h-Alba gur e deagh chomharra a bha seo, gu sònraichte agus mòran de sheòrsaichean eun mara air a bhith a' crìonadh ann an Alba thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh.
Ach a rèir na buidhne bha draghan orra fhathast mu Arcaibh agus Sealtainn far an robh àireamhan fhathast a' tuiteam.
Chaidh àireamh na bu mhotha de ghearraidhean-breaca a chlàradh ann an Tiriodh, agus tuilleadh làraichean nid sheagairean ann an Siorrachd Obar Dheathain.
Ceistean Saidheansail
Bha barrachd tholl phuthaidean gan cleachdadh timcheall Linne Fhoirthe.
Ged a thuirt RSPB na h-Alba gun robh an seusan àlachaidh na b' fheàrr na bha dùil, tha suidheachadh nan Eileanan a Tuath na chùis dragh dhaibh.
Thuirt iad gum b' urrainn do Riaghaltas na h-Alba cuideachadh a thoirt do na h-eòin 's an cuid bìdhe, le bhith a' cur an sàs an lìonra de sgìrean MPA a tha san amharc aca.
"A dh'aindeoin na deagh naidheachd, tha sinn air dà thrian de na seagairean, na creachadairean agus na steàrnan againn a chall bho 2000," thuirt Phil Taylor bho RSPB na h-Alba.
"B' e an t-àm a b' fheàrr rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn seo, fichead bliadhna air ais.
"Tha Alba mar thà air barrachd sgìrean MPA a chomharrachadh na sgìre sam bith ann an Eileanan Bhreatainn, agus tha RSPB na h-Alba air obair chruaidh a dhèanamh a dhèanamh cinnteach gu bheil na sgìrean seo a' gabhail a-steach dìon do ghearraidhean-breaca agus sìolain.
"Ach gu follaiseach, ged a nì na h-eòin mhara a' chùis ann an samhradh fliuch, tha iad a' strì às aonais mara falain anns am faigh iad biadh.
"B' urrainn do Riaghaltas na h-Alba cuideachadh, oir tha iad mar thà air 14 sgìre a chomharrachadh far am faodadh sgìrean SPA (Sgìrean Dìon Sònraichte) a bhith air an stèidheachadh - sgìrean de na h-uisgeachan againn a tha cudromach gu h-eadar-nàiseanta - ach tha leisg orra an cur an sàs," thuirt e.
Thuirt labhraiche do Riaghaltas na h-Alba: "Ann an 2009, chlàraich ministearan Albannach leudachaidhean air 31 sgìre SPA far a bheil colonaidhean àlachaidh stèidhichte.
"Tha sinn an-dràsta a' beachdachadh air argamaidean saidheansail airson 14 dreach sgìre SPA.
"Nochd ro-chomhairle gu bheil na h-uimhir de cheistean saidheansail an lùib nam molaidhean, agus tha sinn ag obair còmhla ri Dualchas Nàdair na h-Alba agus Co-Chomataidh a' Ghlèidhteachais Nàdair feuch fuasgladh fhaighinn orra sin.
"Nuair a thèid fuasgladh fhaighinn, nì ministearan Albannach co-dhùnadh co-dhiù bu chòir co-chomhairle phoblach a bhith ann."