Iomairt ionad-fòn gus leantainn
- Air fhoillseachadh

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd fàilte air moladh gum bu chòir ionad-fòn nam Poileas an Inbhir Nis a chumail fosgailte gu h-eadar-mail, ach gheall iad strì a bharrachd gus a ghlèidheadh.
Nochd am moladh ann an aithisg Àrd-Neach-Sgrùdaich nam Poileas, Derek Penman, air mar a tha Poileas Alba a' dèiligeadh ri gairmean-èiginn.
Chaidh an sgrùdadh iarraidh às dèidh tubaiste air an M9 as t-Samhradh san do chaill dithis am beatha.
Thug e trì là dha na Poilis a dhol gu làrach na tubaiste às dèidh dhaibh brath èiginn fhaighinn.
San aithisg aige, fhuair Mgr Penman gun robh laigsean san dòigh sa bheil Poileas Alba a' dùnadh cuid de na h-ionadan-fòn aca.
"Nas seasmhaiche"
Tha e ag ràdh gum bu chòir an siostam a dhèanamh nas seasmhaiche agus san eadar-ama nach bu chòir na h-ionadan-fòn an Inbhir Nis is Obar Dheathain a dhùnadh.
Thuirt e gum bu chòir an glèidheadh gus am bi dearbhadh neo-eisimeileach ann gu bheil Poileas Alba comasach air dèiligeadh ri cùisean às an aonais.
Tha Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, ag ràdh gun do chuir aithisg Mhgr Penman iomagain oirre is gun robh e follaiseach nach deach ullachadh ceart a dhèanamh mus do dh'innis na Poilis gun robh iad 'son na h-ionadan-fòn a dhùnadh.
Thuirt i gu bheil i "fìor thoilichte" gun tuirt Mgr Penman nach bu chòir ionad Inbhir Nis a dhùnadh gus am bi cinnt ann gu bheil an siostam ag obair mar a bu chòir.
Gheall i, ge-tà, gun cum Comhairle na Gàidhealtachd orra a' dèanamh argamaid gum bu chòir ionad-fòn a bhith stèidhichte ann an Inbhir Nis.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 10 An t-Samhain 2015