Cead do leasachadh sa Ghearasdan

  • Air fhoillseachadh
Seann Bhun-sgoil a' GhearasdainTùs an deilbh, Buildings at Risk Register

Nì planaichean seann Bhun-sgoil a' Ghearasdain a leasachadh feum mòr dhan bhaile, a rèir comhairliche san sgìre.

Thug Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas aig Comhairle na Gàidhealtachd cead airson pròiseact luach £6m an togalach air Rathad Achadh an Todhair ath-nuadhachadh.

Thèid oifisean, ionad-seirbheis, oifis-clàraidh, seòmar-comhairle agus eile a stèidheachadh san togalach.

Thuirt ceannard sgìre Loch Abair aig an ùghdarras ionadail, an Comh. Tòmas Mac'Illinnein, gum bi e fìor mhath a' faicinn an togalaich air a chleachdadh uair eile.

"Bho dh'fhàg an sgoilear mu dheireadh, tha sinn air mu £1m - ann an airgead an là an-diugh - a chosg air an togalach sin.

"Chosg sinn fortan ga chumail an-àirde le tac-stàlainn, chosg sinn na ceudan mhìltean notaichean a' toirt a' mhullaich dheth, agus tha sinn air a bhith a' coimhead às a dhèidh fad 40 bliadhna.

"Seo cothrom an cosgais a tha sin a thoirt gu ceann agus cothrom fàilte a chur air daoine a tha a' tighinn a-steach dhan bhaile bhon cheann a deas," thuirt Mgr Mac'Illinnein.

Tha Calum Mac a' Ghobhainn, a bha bliadhnaichean ag obair ann an gnìomhachas na turasachd san sgìre, cuideachd toilichte gu bheil feum gu bhith air a dhèanamh den togalach.

"Tha e ann an staid nach eil math idir.

"Tha e duilich a bhith a' coimhead ris agus a' faicinn a h-uile càil a' dol a dhìth, agus mar sin tha e math a bhith a' faicinn rud ga dhèanamh ris mu dheireadh thall."

Thèid na planaichean a-nis gu Riaghaltas na h-Alba.