Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Seirbheisean cuimheachaidh

Chaidh dà mhionaid de shàmhachair a chumail mar chuimhe air na chaill am beatha ann an cogadh. Tha seirbheisean poblach a' dol air adhart a-niste aig carraighean cuimhe ann am bailtean, beag agus mòr, air feadh na dùthcha.

Àireamh cion-cosnaidh

Thàinig an àireamh dhaoine gun chosnadh air feadh Bhreatainn air mìosan an t-samhraidh a-nuas corr 's ceud mìle dhan ìre 's lugha ann an seachd bliadhna. Bha millean agus seachd ceud gu leth mìle duine gun obair eadar an Iuchar agus an t-Sultain. Ach ann an Alba chaidh an àireamh sin suas, aon deug mìle, gu ochd fichead agus a sia mìle. Tha 6% de shluagh obrach na h-Alba gun chosnadh an coimeas 5.3% air feadh na Rioghachd Aonaichte.

Bailey Gwynne

Tha teisteanas-bàis deugaire air an deach ionnsaigh a thoirt aig sgoil ann an Obar Dheathain ag ràdh gur e buille sgèine chruaidh na bhroilleach a thug bàs dha. Chaochail Bailey Gwynne, a bha 16 bliadhna, an dèidh na h-ionnsaigh aig Acadamadh na Cùilt air an ochdamh latha fichead den Damhair. Tha gille, a tha 16 bliadhna, nach fhaodar ainmeachadh air aobhar-laghail, fo chasaid moirt.

Malta

Tha am Prìomhaire Daibhidh Camshron aig àrd-choinneimh airson dà latha ann am Malta a' deasbad na h-èiginn le in-imreachd dha na dùtchannan Eòrpach. Tha ceannardan an EU a' tabhann taic-airgid air dùtchannan Afraganach mar dhòigh air smachd a chuir air an àireamh a tha a' dèanamh imreachd às na dùtchannan sin dhan Roinn Eòrpach.

Creideasan-cìse

Thuirt Comataidh na h-Obrach agus nam Peinnsean ann an Taigh nan Comantan gum bu chòir dhan t-Seansalair dàil a chuir na phlana 'son gearradh sna creideasan cìse. Thuirt a' chomataidh nach eil rudan a tha Seòras Osborne a' moladh, mar tuarasdal bith-beò, gu bhith nan cuideachadh sam bith dhan fheadhainn 's miosa a bhios a' fulang le gearradh sna sochairean. Bidh Mgr Osborne ag innse mu na molaidhean sin ann am Buidseat an Fhoghair an ceann ceala-deug.

Loganair

Thuirt ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba gu bheil rudeigin fada ceàrr air seirbheis adhair nan eilean. Tha Alasdair Allan an dùil coinneachadh ri Loganair a bhruidhinn air na trioblaidean a tha air a bhith aca bho chionn ghoirid. Thuirt Mgr Allan nach eil na seirbhisean, fo bhratach Flybe, air a bhith math gu leòr. Ach fhuair e gealltanas, thuirt e, bhon chompanaidh gu bheil na h-itealain aca sàbhailte.