Piseach ga iarraidh air stòradh bainne-broillich
- Air fhoillseachadh
Chaidh iarraidh air NHS nan Eilean Siar piseach a thoirt air an dòigh a tha iad a' stòradh bainne-broillich.
Thàinig an t-iarrtas bho Luchd-sgrùdaidh Àrainneachd Cùram Slàinte na h-Alba, an HEI, an dèidh dhaibh sgrùdadh a dhèanamh air Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh ann an Leòdhas san t-Sultain.
Thuirt luchd-sgrùdaidh nach robh clàr ga chumail mu ìre-teòthachd na bainne-broillich a bha air a stòradh agus nach robh poileasaidh an sàs dhan luchd-obrach mu ciamar a bu chòir dhaibh bainne-broillich a làimhseachadh agus a stòradh.
Thuirt an luchd-sgrùdaidh ge-ta, gun robh an t-ospadal glan agus a' cumail ris na h-ìrean a bu chòir.