Goireasan spòrs sgoile nas fhèarr air iarraidh

  • Air fhoillseachadh
Prìomh-oifis Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil goireasan spòrs Bun-sgoil Steòrnabhaigh freagarrach airson na th'ann de sgoilearan.

Tha pàrantan aig a' bhun-sgoil s motha anns na h-ileanan, Bun-sgoil Steòrnabhaigh, a' gearain gu làidir air cho dona sa tha goireasan spòrs na sgoile.

Sgrìobh iad gu comhairlichean agus uillàrlamaid nan Eilean Siar agus iad ag ràdh nach do rinn oifigearan foghlaim dad mun t-suidheachadh.

Thuirt Comhairle Phàrant Bun-sgoil Steòrnabhaigh gu bheil iad air a bhith mì-thoilichte mu ìre nan goireasan fad bhliadhnachan agus gu bheil iad air a ceum seo a ghabhail ann an oidhirp an suidheachadh a rèiteach.

Chuir iad litir fhoirmeil gu comhairlichean nan Eilean Siar air fad agus gu uillàrlamaid na sgìre, Alasdair Allan agus Aonghas Brianan MacNèill.

Thuirt iad gu bheil iad air an cuspair a thogail aig ìre oifigeir iomadach uair rè nam bliadhna.

Talla-spòrs

Anns an litir tha cathraiche comhairle phàrant na sgoile, Marina NicFhearghais, ag ràdh nach eil na goiresan freagarrrach airson sgoil cho mòr.

Tha mu 400 duinecloinne ann am Bun-sgoil Steòrnabhaigh.

Thuirt Ms NicFhearghais sa litir gu bheil na sgoilearan a' faighinn dà uair thìde de spòrs a h-uile seachdain, mar a tha còir, aca nach eil an talla-spòrs mòr gu leòr airson lànchlas a ghabhail, agus gu bheil na sgoilearan a' call a-mach ri linn sin.

Tha i ag ràdh gu bheil na seòmraichean-sgeadachaidh gan cleachdadh mar stòr agus le sin gu feum a' chlann iad fhèin ullachadh airson spòrs anns a' chlas, rud nach eil idir feagarrach neo ceart, a rèir Ms NicFhearghais.

Tha na pàrantan gu sònraichte air an sàrachadh 's iad ag ràdh gun deach gealltainn dhaibh nuair a dhùin Sgoil Shanndabhaigh sa ghluais na sgoilearan às a sin gu Steòrnabhagh gum biodh na sgoilearan sin a' gluasad gu goireasan a bha a' cheart cho math, neo nas fheàrr, na bh'aca.

A rèir nam pàrant cha do thachair sin agus tha iad a' cur s leth an ùghdarrais ionadail nach do chum iad ris na gheall iad.

Tha comhairle phàrant na sgoile gu mòr den bheachd gu bheil an t-àm ann dèiligeadh ris a' chùis agus fios aca gu bheil goireasan fìor mhath ann am bun-sgoiltean ùr san eilean, leithid an Rubha agus air an Taobh Siar.

Airgead calpa

Tha na pàrantan ag iarraidh gun cur Comhairle nan Eilean Siar airgead calpa m seach airson a chaitheamh air goireasan spòrs ann am Bun-sgoil Steòrnabhaigh.

Ghabh iad ris gun deach aigread a chosg air an sgoil bho chionn ghoirid, ach a rèir nam pàrant cha robh ann an sin ach obair-càraidh èiginneach agus deach càil a dhèanamh a thaobh goireasan spòrs a chur air bunait cheart.

Chaidh CnES às àicheadh nach do chum iad rin gealltannas a thaobh goireasan.

Mar fhreagairt air na gearainean a thog comhairle phàrant na sgoile thuirt iad gur e sgoil mhath arìrh a tha ann an Sgoil Steòrnabhaigh, a tha a' toirt foghlam freagarrach seachad dha na sgoilearan.

Thuirt iad gu bheil an sgoil a' coinneachadh ri iarrtas an Curraicealam airson Sàr-mhàitheis le rm gu leòr dha na sgoilearan agus le goireasan talla agus spòrs a tha freagarrach airson a meud.

Tha iad ag ràdh gun deach obair-leasachaidh a chur air adhart aig an sgoil air an aon bhonn sa tha a' tachairt aig bun-sgoiltean eile air feadh nan eilean.

Thuirt fear-labhairt na omhairle gu bheil iad ag obair gu cruaidh airson inbhe nan sgoiltean àrdachadh agus gu bheil iad an-dràsta a' dèanamh ath-sgrùdadh air na tallaichean agus na goireasan spòrs agus gun tèid iad sin a leasachadh ma bhios sin a dhìth, agus ma tha a' homhairle a' faicinn iomchaidh.