Iomagain mu leudachadh Raon Ratharsair

An Lighe Ratharsaireach Image copyright Nigel Brown/Geograph

Tha iomagain air iasgairean na Lighe Ratharsairich mun bhuaidh a bheireadh leudachadh air raon dearbhaidh BUTEC air am beò-shlàint.

Tha dragh orra nach deach mìnicheadh dhaibh dè dìreach a tha Ministreachd an Dìon airson a dhèanamh leis an raon.

Gu ruige seo chan eil na h-iasgairean ach air aon choinneamh fhaighinn leis an MOD.

Dh'fhaodadh na planaichean airson sgìre deuchainn nam bàtaichean-aigeann a dhèanamh nas motha buaidh a thoirt air còrr air 50 eathar ionadail.

Dìmeas

Tha an MOD an dùil an raon a tha toirmisgte do bhàtaichean a leudachadh gu mòr - rud a dh'fhàgadh gum feumadh iasgairean na sgìre gluasad gu uisgeachan eile a tha trang mar thà.

"Bheir seo buaidh gu sònraichte air mu 23 soithichean ma thèid e air adhart mar a tha dùil," thuirt Donnchadh MacFhionnlaigh, a bhios ag iasgach dìreach gu deas air an raon toirmisgte.

"Agus bidh buaidh nas fharsainne air còrr air 50 soitheach.

"'S ann sa choimhearsnachd an seo fhèin a chìthear buaidh atharrachaidh sam bith. Cha bhi a' bhuaidh air a sgapadh air feadh a' chabhlaich iasgaich mar a thachras gu tric san iasgach. 'S iad na bàtaichean ionadail a bhios a' fulang," thuirt e.

Tha co-chomhairle phoblach air na planaichean a' tighinn gu crìch an ath-sheachdain.

Tha cuid de na h-iasgairean an dùil nach tèid èisteachd ris na draghan a th' aca.

"'S e am facal a chleachdainnsa, dìmeas," thuirt Alaidh MacLeòid, a tha na iasgaire air a' Chomraich.

"Tha sinn air obrachadh gu math còmhla ris an MOD, le Qinetiq, le luchd-faire Shannda. Tha càirdeas math aig na balaich ionadail riutha.

"San àm a dh'fhalbh, dh'iarr iad oirnn gun uidheam a tharraing faisg air an raon. Rinn sinn sin, 's cha do dh'iarr sinn dad air ais.

"Tha coltas breab san aodann air seo. Dìth spèi do bheò-shlàint' chàich.

"Chan eil fhios againn fhathast fiù 's dè na cumhachdan a dh'iarras iad. Agus is coltach nach eil iad idir deònach bruidhinn rinn."

Tha làimhseachadh na cùise a' cur an cuimhne mòran mar a thachair nuair a chaidh an raon a thogail sa chiad dol-a-mach.

'S e mar a chaidh dèiligeadh ri iasgairean na sgìre an uair sin a th' air cuid fhàgail cho diombach.

"Tha cuimhne agam aon choinneamh gu h-àraidh, agus shaoileadh tu gun robh iad an ìr' mhath a' cantainn riut, "ò uell, obraichidh sinne cuide ribh cho math 's is urrainn dhuinn 's bios an gnothach glè mhath 's bios si' ag iasgach"," thuirt Eoghain MacCoinnich, a thug iomadh bliadhna na iasgair air a' Chomraich.

"Ach ge-tà, a charaid ort, cha b' ann mar sin a bha idir. An ceann beagan tìde, dar a thòisich iadsa' air raon a chur ri chèile 's a h-uile dad den a sin, 's e a bh' ann "cùm a-mach às a seo 's na bia' dèanamh dragh dhuinne.

"Agus dh'fhoghlaim mise mi fhìn gun tàinig iad chun an robh sinn 's gun tuirt iad rinn "'mach à seo, agus fuirich a-mach às!" thuirt e.

Mar fhreagairt air draghan nan iasgairean, thuirt labhraiche on MOD gun deach leth-bhreacan de na fo-laghan ùra a tha gam moladh a-mach dhan choimhearsnachd agus air-loidhne aig gov.uk.

Thuirt iad gu bheil iad airson gun leugh daoine iad agus gun till iad beachdan thuca.

Tha iad ag ràdh gun tèid beachdachadh air a h-uile tagradh na aghaidh mus tèid co-dhùnadh sam bith a dhèanamh.

Gheibh am poball cothrom ceistean a chur air riochdairean an MOD, agus a' chompanaidh Qinetiq, a tha os cionn ghoireasan BUTEC, aig coinneimh phoblaich ann an Caol Àcainn oidhche Ardaoin.