Gearain air call faochadh cìse
- Air fhoillseachadh

Tha Companaidh Coimhearsnachd na Comraich am measg na tha a' gearain gu bheilear a' cur às do dh'fhaochadh chìsean do dhaoine a tha a' cur airgid ann an sgeamaichean cumhachd coimhearsnachd.
'S e Riaghaltas Westminster a bha a' ruith na sgeama EIS, a bha a' ciallachadh, mar eisimpleir, nam biodh cuideigin airson £10,000 a chur an sàs ann an sgeama, gum faigheadh iad £3,000 far a' chunntais dhealain aca air a' cheann thall.
Tha Companaidh Coimhearsnachd na Comraich an sàs ann an sgeama haidro.
"Tha iomadh buaidh aig seo air sgeamaichean coimhearsnachd," thuirt Gòrdan Camshron, a tha a' fuireach air a' Chomraich.
Coimhearsnachdan Beaga
"Ma tha sgeamaichean tarraingeach do dhaoine aig a bheil airgead, tha sin a' ciallachadh gu bheil airgead a' tighinn a-steach gun a bhith a' dol a-mach dha na bancaichean mar eisimpleir airson iasadan a lorg.
"Air a' cheann thall, airson sgeama haidro na Comraich, tha sin a' ciallachadh gum bi barrachd airgid a' tighinn a-steach don choimhearsnachd airson tabhartasan, mar eisimpleir airson daoine a th' airson gnìomhachas a thogail, gun a bhith a' pàigheadh rèidh air airgead a tha iad a' faighinn air iasad.
"Tha e uabhasach cudromach do sgeamaichean far nach eil 's dòcha an t-uabhas airgid ann an sgìre.
"Tha sin a' ciallachadh, le a bhith a' cur às don sgeama seo, EIS, 's dòcha gum bi daoine a' smaoineachadh dà thrup mu dheidhinn airgead a chur a-steach bhon taobh a-muigh.
"Ma tha coimhearsnachd a-muigh an siud a tha am beachd sgeama a thòiseachadh an-dràsta, feumaidh iad smaoineachadh am b' fhiach e a dhèanamh às aonais EIS.
"Bho thàinig an naidheachd a-mach an t-seachdain seo chaidh gu bheil Riaghaltas Bhreatainn a' cur às don sgeama seo tha sgeamaichean a' fàileachadh ann an Sasainn mar thà.
"Tha coimhearsnachdan beaga ann an sgìrean dùthchail gu h-àraidh, chan eil an t-uabhas de dhaoine a' cur airgid gus oidhirp a-steach. Tha iad an urra ri daoine bhon taobh a-muigh.
"Mura h-eil e gu bhith tarraingeach do dhaoine mar sin, tha e gu math doirbh airgead gu leòr a thogail ann an coimhearsnachdan beaga.
"Bha sinne air a' Chomraich gu math fortannach gun robh oifigear leaschaidh againn anns a' choimhearsnachd a bha lèirsinneach gu leòr a h-uile rud a phutadh air adhart ann an ùine gu leòr.
"Tha sinn fhathast a' lorg airgid. Tha an sgeama haidro air còrr is £400,000 a thoirt a-steach mar thà, 's tha sinn ag amas air targaid de £780,000 ro dheireadh na mìosa," thuirt e.