Dragh mu thogalach Acadamaidh Alanais
- Air fhoillseachadh

Tha daoine air taobh sear Rois air dragh a thogail mu cho fada 's a tha e a' toirt dha Riaghaltas na h-Alba innse am bi taic-airgid ri fhaotainn airson togalach ùr dha Acadamaidh Alanais.
Chaidh an togalach a th' ann an-dràsta an-àirde sna 1970an agus bidh e tric ag aodion.
Sheall sgrùdaidhean a rinnear bho chionn ghoirid gu bheil an togalach ann an staid nas miosa na bhathas an dùil.
Chuir Riaghaltas na h-Alba dàil rè ùine air planaichean air a' phrògram togail sgoiltean aca an dèidh do dh'Oifis na Staitistig Nàiseanta ceist a thogail mun mhodal a thathas a' cleachdadh airson nan sgoiltean ùra a mhaoineachadh, an "Scottish Futures Trust".
Chàin an comhairliche ionadail, Màrtainn Rattray, an dàil sa ghnothach.
"Chan eil an sgoil a th' aig òigridh Alanais math gu leòr.
"Tha i ann am fìor dhroch staid, tha mi a' creidsinn gur i an sgoil as miosa air Ghàidhealtachd.
"Tha sinn air a bhith a' feitheamh ri fios bho Riaghaltas na h-Alba fad dà bhliadhna agus anns an dà bhliadhna a tha sin tha i air a dhol bhuaithe chun na h-ìre 's gu bheil e coltach ann gum bi againn ris na ceudan mhìltean notaichean a chosg oirre dìreach airson a cumail dìonach," thuirt Mgr Rattray.
Riaghailtean Eòrpach
Thug comhairlichean cead Diciadain airson obair-càraidh èiginneach a dhèanamh air an togalach.
Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gu bheil an Riaghaltas airson Comhairle na Gàidhealtachd a chuideachadh ann an bhith a leasachadh nan sgoiltean aca fon phrògram aca "Sgoiltean Airson an Àm ri Teachd" agus gu bheil iad ag obair gu cruaidh airson dèanamh cinnteach gun tèid na pròiseactan sin a dhèanamh cho sgiobalta 's a ghabhas.
"Dh'innis an Leas-Phrìomhaire dhan Phàrlamaid air a' mhìos a chaidh gu bheil an "Scottish Futures Trust" ag obair còmhla ri Oifis na Stàitistig Nàiseanta a bheachdachadh air buaidh atharrachaidhean ann an riaghailtean Eòrpach, agus dh'fhaodadh gun toir sin beagan sheachdainnean.
"Tha an "Scottish Futures Trust" ann an conaltradh le buidhnean a tha an sàs ann am pròiseactan togail agus a' cumail fiosrachaidh riutha mun adhartas a thathas a' dèanamh," thuirt an neach-labhairt.