Beachdan gnothachais gan sireadh
- Air fhoillseachadh
Thathas a' sireadh bheachdan bho luchd-gnothachais agus bhuidhnean coimhearsnachd san Eilean Sgitheanach, mun t-seirbheis adhair a tha cuid ag iarraidh a stèidheachadh às ùr eadar an t-eilean agus meadhan na h-Alba.
Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) airson gum faigh iad beachd bho co-dhiù 100 buidheann, agus thèid bruidhinn ri timcheall air 20 dhiubh ann an doimhneachd air a' fòn.
Thàinig an t-seirbheis adhair eadar an t-Ath Leathann agus Glaschu gu crìch o chionn 27 bliadhna.