Abigail a' tadhal air na h-Eileanan

Sarah Cruickshank

Chaill cuid anns na h-Eileanan an Iar cumhachd an dealain an dèidh do stoirm Abigail gluasad tarsainn a' chost an iar tron oidhche.

Bidh na sgoiltean agus sgoiltean-àraich nan eilean uile dùinte tron latha Dihaoine 's tha an droch shìde a' toirt buaidh air goireasan-siubhail cuideachd.

Ràinig neart na gaoithe 84msu tron oidhche ann an Uibhist a Deas, agus bha i fiadhaich air feadh nan eilean agus ann an sgìrean den chost an iar.

Tha dùil gun tig piseach air an t-sìde mar a thèid an latha air adhart agus gu socraich neart na gaoithe feasgar.

Chaidh grunn sheirbheisean-aiseig a chuir dheth sa mhadainn le rabhadh gur dòcha gum bi na seirbheisean a dh'fhalbhas tron latha air clàr-ama eadar-dhealtaichte.

Bha cha mhòr a h-uile dachaigh as na h-Eileanan an Iar as aonais cumhachd an dealain tron oidhche airson greis.

Tha e coltach gu bheil sin air tilleadh gu mòran sgìrean a-nis.

Thuirt Scottish Hydro gu bheil iad fhathast a' feuchainn ri dealan a thuilleadh gu mu 150 dachaigh ann an Leòdhas sna Hearadh eadar Lacasaigh agus an Tairbeart agus anns na Geàrrannan air an Taobh Siar.

Aig aon àm bha mu 20,000 dachaigh agus togalach às aonais dealain sna h-Eileanan an iar, ann an Sealtainn, san Eilean Sgitheanach, an Colbhasa, an Earra Ghaidheal agus an Sgìre Aonghais.

Uile gu lèir tha mu 500 togalach fhathast a' feitheamh ri fhaighinn air ais.

Cho-dhùin Comhairle nan Eilean Siar na sgoiltean a dhùnadh an-dè ri linn na droch shìde a bha air fàire.

Tha a h-uile sgoil ann an Sealtainn dùinte cuideachd.

Image copyright Traffic Scotland

Tha frasan geamhradail air a bhith ann Dihaoine a' toirt buaidh air draibhearan air an A9 aig an t-Slochd air a' Ghàidhealtachd.

Bha frasan sneachd air beanntan a' Mhonaidh Ruaidh agus Loch Abair.

Thàinig air Sgioba Teasairginn nam Beann ann an sgìre Loch Abar ri cobhair a dhèanamh air fireannach a bha air a dhol a choiseachd anmoch feasgar Diardaoin, 's e a' dol suas Beinn Nibheis.

Cha robh an duine a' cleachdadh na slighe-coiseachd ach a' feuchainn suas tro Ghil an Ionaid-fàire.

A' bruidhinn an dèidh na h-iomairt-cobhair thuirt an sgioba gun do chuir an duine e fhèin ann an cunnart a' bheatha le a bhith a' dol suas a' bheinn ann an sìde cho dona.

Tuilleadh air an sgeulachd seo