Trèanadh air defibrillator an Uibhist
- Air fhoillseachadh

Tha seisean trèanaidh ga chumail ann an Uibhist Disathairne airson sealltainn dha daoine ciamar a ghabhas innealan defibrillator a chuir gu feum.
Tha grunn de na h-innealan sgaipte air feadh Uibhist ann an àiteachan leithid ionad Qinetiq, an ionaid spòrs ann an Sgoil Lioncleit, agus oifis MhicAmhlaigh ann an Loch Baghasdail.
Tha sin a thuilleadh air na h-innealan aig dotairean agus tha iad ri fhaighinn ann ionadan meidigeach agus carbadan eiridinn.
'S urrainn dhan uidheamachd a bhith air a chleachdadh ma tha duine ann an èiginn le grèim-cridhe 's nach eil dotair ri fhaotainn sa bhad.
Chan eil trèanadh foirmeil a dhìth airson an uidheamachd a chleachdadh.
Chuirear an seisean trèanaidh air dòigh ann an Talla Ghèirinis Disathairne eadar 2.00f agus 4.00f airson fiosrachadh a sgaoileadh agus misneachd a thoirt do dhaoine na h-innealan a chuir gu feum.
Sàbhaladh beatha
Thuirt Lena Nic a' Phearsain bho Bhuidheann Chompàirteachaidh nan Euslainteach aig Ionad Doctaireachd Bheinn na Fadhla gu bheil na h-innealan ag obrachadh ann an dòigh agus gu bheil guth clàraichte a' tighinn às an befibrillator a' mìneachadh nan ceumanan a bu chòir a bhith air a ghabhail.
"Chan fheum eagal a bhith air daoine an cleachdadh.
"Thathas airson gum faigh daoine seachad air an eagal a tha sin agus ann an èiginn gun ruitheadh iad a dh'iarraidh fear.
"Gabhaidh iad an cleachdadh gun ionnsachadh idir agus tha a h-uile sian a dh'fheumas tu co-cheangailt ri a bhith ga chleachdadh anns a' bhocsa agus tha guth ga do stiùireadh.
"Thathar ag ràdh nach urrainn dhut a dhol ceàrr ann an suidheachadh mar sin ma tha thu cho feumach air cuideachadh.
"Tha e nas fheàrr na a bhith gun dad, agus dh'fhaodadh tu beatha a shàbhaladh air a shàilleibh," thuirt Ms Nic a' Phearsain.