Uallach ionmhais airson leudachadh FTMG

Nighean-sgoile

Nochd Comhairle na Gàidhealtachd iomagain nach bi airgead gu leòr ann airson fòghlam Gàidhlig a leasachadh mar a tha Bile ùr Fòghlaim an Riaghaltais ag iarraidh.

Fon Bhile, bidh ro-dhùil ann gum feum comhairlean gabhail ri iarrtas reusanta bho phàrantan a dh' iarradh aonad Gàidhlig a stèidheachadh anns an sgìre aca.

Bha cuid de luchd-iomairt ag iarraidh gun toireadh am Bile làn chòir do phàrantan air fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ach dhiùlt Riaghaltas na h-Alba sin.

Bha fiù's Bòrd na Gàidhlig ag ràdh nach robh an t-àm iomchaidh airson làn chòir, seach nach biodh tidsearan no goireasan gu leòr ann airson sin a choileanadh.

Nuair a chaidh am Bile fhoillseachadh an toiseachadh cha robh e ach a' stèidheachadh pròiseas a dh'fheumadh comhairlean a leantainn nuair a bhiodh iad a' làimhseachadh iarrtas phàrantan.

Ach an dèidh gearainnean gun robh sin ro lag, dh'innis an Riaghaltas gu bheil iad a' dol ga neartachadh airson 's gum bi ro-dhùil ann fon lagh gum bu chòir do chomhairle aonad Gàidhlig a stèidheachadh mur a bi adhbhar math aca gun sin a dhèanamh.

Ged a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cuir taic ris a sin, tha eagal orra nach tig airgead bhon Riaghaltas airson a choileanadh, 's gu fàg e uallach ionmhais uabhasach orra fhèin 's air comhairlean eile.

"Ma tha an Riaghaltas gu bhith a' gealltainn rudan anns an Achd ùir feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum bi ionmhas mu choinneimh.

"Tha duilgheadasan mòra aig a' Chomhairle an-dràsta le buidseat an fhòghlaim, agus cuiridh uallaichean ùra sam bith ris a sin," thuirt cathraiche comataidh fòghlaim na Comhairle, Drew Millar.

Tha cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig a' Chomhairle, Hamish Friseal, ag àontachadh.

"Chan eil an t-airgead aig na comhairlean an-dràsta airson barrachd a dhèanamh.

"Mar sin bithidh sin a' coimhead chun an Riaghaltais airson barrachd taic.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun tuig an Riaghaltas na duilgheadasan a bhios againne agus aig a h-uile comhairle ann an Alba," thuirt Mgr Friseal.

Tabhartasan sònraichte

Tha a' Chomhairle am beachd tagradh a dhèanamh ri Rùnaire an Fhòghlaim aig Riaghaltas na h-Alba mun chùis.

Chuala coinneamh na Buidhne Buileachaidh bho cheannard eadar-amail an fhòghlaim aig Bòrd na Gàidhlig, Brus Robasdan.

Thuirt esan riutha gur dòcha gun robh an t-àm iomchadh sùil a thoirt air na Tabhartasan Sònraichte a tha comhairlean a' faighinn bhon Riaghaltas airson na Gàidhlig, agus gur dòcha gur e tuilleadh airgid iarraidh anns na Tabhartasan an dòigh air leudachadh fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig a mhaoineachadh.

Tisdearan

Nochd comhairlichean iomagain cuideachd mu dhìth thidsearan Gàidhlig, agus an tàire a bheir sin dhaibh a' cuir an cèill iarrtasan Achd an Fhòghlaim nuair a thig i a-steach an ath-bhliadhna.

"Tha sin air a bhith na dhuilgheadas dhuinne fiù's às aonais a' Bhile, agus bidh e nas miosa a-nise," thuirt cathraiche na Buidhne Builleachaidh, Hamish Friseal.

Tha eagal air comhairlichean gun tàlaidh aonadan ùra Gàidhlig a dheadh a stèidheachadh aig deas cuid de na tidsearan òga a bhiodh iadsan airson a thàladh dhachaigh chun na Gàidhealtachd, 's tha iad airson 's gun deadh fuasgladh fhàighinn air dhìth thidsearan.