Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

"Jihadi John"

Thuirt am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, nach eil cinnt ann fhathast an deach am Breatannach air am bheil am far-ainm Jihadi John a mharbhadh ann an ionnsaigh a thug na Stàitean Aonaichte air ann an Siria. Thug na h-Ameireaganaich ionnsaigh le dròn air Mohammed Emwazi, a bhoineadh do Lunnanin, ach a chaidh na cheannairceach Islamach comhla ri IS agus e ainmeil 'son bhidiothan dha shealltain a' cur dhaoine a bha am bruid aig IS gu bàs.

Abigail

Dh'fhag droch shìde an latha an-dè na mìltean dhaoine gun dealan agus tha sgoiltean nan Eilean Siar gu lèir agus sgoiltean Shealtainn dùinte an-diugh. Tha mu mhìle dachaidh 's toglach ann an Sealtainn fhathast gun dealan. Thuirt SSE, ge-ta, gu bheil an dealan air ais aig a' mhòr chuid den dà mhìle luchd-cleachdaidh a bha as aonais ann an Leòdhas agus anns na Hearadh. Agus leis gu bheil i beagan nas socaire tha bàtaichean aiseig a' seòladh a-rithist. Tha dòchas ann air seirbhis eadar Ùige agus Loch na Madadh aig 11.30m agus feasgar eadar Ulapul agus Steòrnabhagh. Tha am fiosrachadh sin gu lèir air làrach-lin Chaledonain Mhic a' Bhruthain.

Socharain

Thuirt oifigich an riaghaltais gu faodadh deichean mhìltean de mhuinntir Bhreatainn sochairean a chall le atharrachadh sna riaghailtean a tha ag amas air stad a chuir air sochairean do luchd-imrich as ùr a Bhreatainn à dùthchannan Eòrpach. Thuirt na h-oifigich gu faodadh daoine òga gu h-àraid a bhith nas fheàrr dheth gun a bhith ann an cosnadh idir 'son ùine.

Achd an Fhoghlaim

Tha dragh air Comhairle na Gàidhealachd gur ann air an ùghdarras a thig a' chosgais 'son tuilleadh foghlum tro mheadhon na Gàidhlig a thig le Achd ùr an Fhoghlaim an ath-bhliadhna. Cuiridh an Achd uallach as ùr air comhairlean aonadan Gàidhlig agus sgoiltean Gàidhlig a stèidheachadh far am bheil iarratas. Ach tha coltas ann nach cuir an Riaghaltas airgead mu choinneamh sin. Agus tha ceist air a' chomhairle cuideachd cò às a thig na tidsearan.

Buannachd FTMG

Agus tha Buidheann na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd a' ràdh gum bu chòir buannachd economaiceach na Gàidhlig a dhèanamh follaiseach dhan mhòr-shluagh. Tha buill na buidhne dhen bheachd gun toireadh sin freagairt do fheadhainn a bhios tric a' gearain agus a' càineadh na tha de dh'airgead poblach ga chosg air a' chànan.

Iomairt-theasairginn

Tha poilis, maor-chladaich agus bàta-teasairginn am measg na tha a' coimhead 'son duine a chaidh dhan uisge air Abhainn Fhoirthe aig Drochaid Chlach Mhanainn. Chaidh fios air na seirbhisean èiginn aig trì uairean anns a' mhadainn an-diugh gu robh duine san uisge. Tha an drochaid dùinte fhad 's a tha an obair-theasairginn a' dol air adhart.