Co-dhùnadh an HMRC na "bhriseadh dùil"
- Air fhoillseachadh
Thuirt àrd-oifgear Seòmar Malairt Inbhir Nis, Stiùbhairt Nicol, gu bheil e na bhriseadh dùil gu bheil Cìsean agus Cusbainn na Banrigh air co-dhunadh cuid de na h-oifisean cìse aca a dhùnadh agus an obair a thathas a' dèanamh annta a ghluasad gu meadhan na h-Alba.
Dùinidh an oifis ann an Inbhir Nis mar phàirt dhen phlana agus bi 60 obair a' falbh ro 2018.
Leis gu bheil barrachd dhaoine a' lionadh nam foirmichean-cìse aca air-loidhne a-nis tha Mgr Nicol ag ràdh gu bheil e a' tuigse an argamaid air cùl a' ghnothaich.
Ach thuirt e gu bheil e dhen bheachd gu bheil an HMRC a' dèanamh mearachd le a bhith a' gluasad a h-uile càil gu meadhan na h-Alba.
Tha an HMRC ag ràdh gu bheil cus oifisean daor, seann fhasanta agus iomallach aca agus gu bheil iad airson gun tèid a' chuid as motha dhan obair aca a dhèanamh anns an dà ionad ùr leotha ann an Dùn Èideann agus Glaschu.