Pàrlamaid na h-Alba
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu Achd an Fhoghlaim

13 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nochd Comhairle na Gàidhealtachd iomagain mhòr nach bi airgead gu leòr ann airson fòghlam Gàidhlig a leasachadh mar a tha Bile ùr an Fhòghlaim ag iarraidh.

Fon bhile, bidh ro-dhùil - no presumption - ann gum feum comhairlean gabhail ri iarrtas reusanta airson aonad Gàidhlig.

Ged a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cur taic ri sin, tha eagal orra nach tig airgead bhon Riaghaltas airson a choileanadh.