Blàr Sliabh an t-Siorraim
- Air fhoillseachadh

Air 13mh an t-Samhain 1715, chuireadh cath faisg air Dùn Bhlathainn, a thug àr-a-mach Iarla Mhàrr gu crìch.
Bha Iain Earsgainn, Iarla Mhàrr - "Bobbing John" mar a bh' aig daoine air, ri linn mar a dh'atharraicheadh e a dhìlseachd - air bratach a thogail ann am Bràigh Mhàrr air 6mh an t-Sultain, 's e air taic na h-uimhir de chinn-feadhna Seumasach air Ghàidhealtachd fhaighinn, gus oidhirp a dhèanamh an aghaidh Taigh Hanòbhair, agus Seumas Stiùbhart a chur air rìgh-chathair a shinnsear.
Bha Seumas - mac Sheumais II - na fhògarrach còmhla ri a theaghlach san Fhraing, an dèidh do athair Blàr na Bòinne ann an Èirinn a chall ann an 1689 - bliadhna an dèidh dha fhèin a bhith air a bhreith.
Chruinnich Iarla Mhàrr mu 12,000 saighdear - cuid on Spàinn 's on Fhraing nam measg - agus ghabh e smachd air cuid mhath den Ghàidhealtachd, mus do ghabh e baile Pheairt.
Choinnich an t-arm aige ri feachdan fo Iain Caimbeul - MacCailein Mòr - a bha a' seasamh taobh an Riaghaltais - ann an corra sgeirmeis, ach cha deach leotha.
Bha buidheann eile de Sheumasaich ann an Sasainn, agus chuir Iarla Mhàrr roimhe coinneachadh riutha, gus aon arm làidir a chur mu choinneimh feachdan an Riaghaltais.
A' gluasad gu deas à Peairt airson seo, sheas arm MhicChailein Mhòir - mu 4,000 - san rathad air, air monadh Sliabh an t-Siorraim, an ear air Dùn Bhlathainn.
Le arm tòrr na bu mhotha - ach beagan na bu lugha na an 12,000 a bh' ann - bha dùil aig Iarla Mhàrr an gnothach a dhèanamh.
Am Brigadier Iain MacPhàrlainn a' bruidhinn mu dheidhinn Bhlàr Sliabh an t-Siorraim, agus na thathas a' dèanamh gus a chomharrachadh.
An dèidh do sgiath dheas arm an Riaghaltais ionnsaigh a thoirt air sgiath chlì nan Seumasach, 's am putadh air ais, cha-mhòr nach deach sgiath chlì an Riaghaltais - a bha gu math na bu ghiorra - a ruaigeadh le ionnsaigh làidir Sheumasaich.
Chuir MacCailein Mòr feachdan an sàs a thoirt taic don sgèith chlì aige, agus lean an cath tron là.
A dh'aindeoin na buannachd a bh' aig Iarla Mhàrr a thaobh àireamhan, cha robh e deònach an t-arm aige air fad a chur a dh'ionnsaigh airm an Riaghaltais - rud a dh'fhaodadh a bhith air an là a bhuanachadh - le car gu math eadar-dhealaichte 's dòcha air eachdraidh na h-Alba.
Cha do chuir e an neart a bh' aige an sàs, agus chaidh aig MacCailein Mòr air an t-arm aige a tharraing air ais - le MacCailein Mòr ag ràdh gur esan a thug buaidh.
Ri linn 's gun do dh'fhàg an taobh eile an àr-fhaich, thuirt na Seumasaich gur iadsan a bh' air buannachadh.
Cha do bhuannaich duine ge-tà.
Rinn mar a dh'fhailich orra ruaig cheart a chur air arm an Riaghaltais milleadh air deòin nan Seumasach, agus tharraing iad air ais.
Preston
Aig a' cheart àm, bha fineachan air Ghàidhealtachd a bha dìleas do Thaigh Hanòbhair air Inbhir Nis agus an dùthaich mun cuairt a chur fo smachd a-rithist.
Ged a thàinig Seumas Stiùbhart air tìr, ann an Ceann Phàdraig, 's a chaidh e a choinneachadh ri Iarla Mhàrr, bha an gnothach seachad.
Cha deadh aca air coinneachadh ri Seumasaich Shasainn, a bha aig an ìre seo, còmhla ri buidheann de Ghàidheil, air an glacadh ann am baile Phreston ann an Lancashire, far an do chaill iad an aghaidh arm an Riaghaltais.
Chaidh mòran de na Gàidheil a chaidh a ghlacadh an sin a chur a dh'Aimeireaga.
Ann an Alba, dh'fhàg na saighdearan Fraingeach 's Spàinnteach an dèidh briseadh dùil Sliabh an t-Siorraim.
Dh'fhalbh Seumas air ais chun na Frainge cuideachd. Cha thilleadh e gu bràth.
Theich Iarla Mhàrr cuideachd.
Bidh Iarla Mhàrr an là an-diugh, a thuilleadh air riochdairean nam fineachan eile a bha an sàs sa bhlàr, an làthair aig an làraich Dihaoine, gus 300 bliadhna a chomharrachadh bho chuireadh an cath.
"Tha e math am blàr a chomharrachadh airson nan daoine a thuit aig a' bhlàr," thuirt am Brigadier Iain MacPhàrlainn, a bhios an làthair.
"Agus tha sinn a' dèanamh sin airson a' Chiad Chogaidh, agus bu chòir dhuinn sin a dhèanamh airson nan daoine a thuit anns a' bhlàr sin air an dà thaobh.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cudromach cuideachd airson eachdraidh nan Gàidheal. Bhon 's e baiteal neo-chinnteach a bh' ann.
"Ach chuir e stop air an èirigh suas a bh' aig na Seumasaich aig an àm sin. 'S e cogadh sìobhalta a bh' ann."