An RMT a' bagairt iomairt-obrach

Nicola Sturgeon a' foillseachadh na seirbheis
Image caption Chaidh an t-seirbheis, fo stiùir Serco, fhoillseachadh leis a' Phrìomh Mhinistear sa Mhàirt am bliadhna.

Bhòtaidh luchd-obrach na seirbheis-rèile tron oidhche, a tha a' ceangal a' Ghearasdain agus Inbhir Nis ri Lunnainn, air am bu chòir dhaibh iomairt-obrach a thòiseachadh agus casaidean ann gu bheil trioblaidean air na trèanaichean le taighean-beaga briste agus innealan a bheir rabhadh mu theine nach eil ag obrachadh.

Tha aonadh an RMT ag ràdh gu bheil e air faileachadh air Serco, a thòisich a' ruith na seirbheis na bu thràithe am bliadhna, na duilgheadasan a chàradh agus gu bheil sin a' fàgail dàil air seirbheisean le cuid a sheirbheisean eile air an cur dheth.

Thuirt Gòrdon Màrtainn bhon RMT gur e iomairt-obrach an rud mu dheireadh a bha an t-aonadh airson a dhèanamh, ach nach robh roghainn aca.

"Tha sinne air a bhith a' coinneachadh leis a' chompanaidh thar grunn mhìosan a-nis a' feuchainn ri seo a rèiteach.

"Fhuair sinn iomadh ghealltannas, agus cha do choilean iad gin dhiu.

"Mholainn-sa dha Còmhdhail na h-Alba, Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, agus dhan chompanaidh seo a thighinn còmhla gu sgiobalta agus na nithean seo a chuir ceart," thuirt Mgr Màrtainn.

Tha Serco ag ràdh bheil e na bhriseadh dùil gu bheil an RMT a' beachdachadh air iomairt-obrach agus gu bheil iad a' dol a leantainn orra a' bruidhinn ris an luchd-obrach agus an aonadh.

Thuirt iad gu robh iad ag obair gu cruaidh an t-seirbheis a leasachadh.