Teachd a-steach ChalMac an-àrda
- Air fhoillseachadh

Dh'innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun do dh'èirich an teachd a-steach aca £18M sa bhliadhna ionmhais a dh'fhalbh.
Rinn iad call de £2.7M, ge-ta, ach tha a' chompanaidh gu bheil adhbharan math air a shon.
'S i Buidheann Dhaibhidh Mhic a' Bhruthainn Earranta a tha as cionn Aiseagan CalMac agus Aiseagan Earra-Ghaidheal agus tha iad an urra ri 50 diofar seirbheis air an taobh siar.
Sa bhliadhna ionmhais 2014/15 dh'èirich an teachd a-steach aca bho £154M gu £172M agus dh'èirich a' phrothaid aca air a sin bho £5M gu £20.
Ach eu-coltach ris a' phrothaid gu h-iomallan a rinn iad a' mhòn-uiridh de £0.2M rinn iad call de £2.7M uile gu lèir sa bhliadhna mu dheireadh.
Thuirt cathraiche na buidhne, Daibhidh MacGibbon, gu robh grunn rudan ann a chuir ri na cosgaisean aca am bliadhna, gu sònraichte mar a chaidh teicneòlas ùr a chuir an sàs airson siostam reic nan tiocaidean.
Tha cunntasan bliadhnail na buidhne cuideachd a' sealltainn gu bheil an àireamh de luchd-obrach air èirigh mu 150.
Tha faisg air 1500 ag obair aig a' chompanaidh a-nis.