Stiùiriche gnìomhachd ùr aig Loganair

  • Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Loganair stiùiriche gnìomhachd ùr is a' chompanaidh adhair gan càineadh co-cheangailte ri sàbhailteachd is fadalachd.

Tha Maurice Boyle air a bhith anns a' ghnìomhachas airson 35 bliadhna.

Tha trioblaidean teicnigeach air maill a chur air grunnan sheirbheisean bho chionn ghoirid.

Cuideachd, thuirt aonadh nam poidhleatan, BALPA, anns an Damhair gu bheil cunnart ann gun tèid Loganair à bith mura h-atharraich iad an dòigh sa tha obair-càraidh ga dhèanadh air na h-itealain aca.

Ann an litir gu Loganair, thuirt an t-aonadh gu robh roinn-innleadaireachd na companaidh ann an suidheachadh èiginneach agus gu robh dùbhlan ro na h-innleadairean na plèanaichean a tha a' frithealadh nan eilean sa tha a' fàs aosd, a chumail aig an ìre a bu chòir.