Dithis air an droch ghoirteachadh ann an tubaistean air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
Chaidh dithis a ghoirteachadh gu dona ann an tubaistean rathaid air Ghàidhealtachd air an deireadh-sheachdain,
Thàinig air luchd-smàlaidh às an Allt Bheithe agus Geàrrloch ri duine a ghearradh à càr a chur car agus a chaidh ann an dìg air an A832 faisg air Poll Iù mu 15:30 Disathairne.
Chaidh am fireannach a sgèith dhan ospadal.
Là na Sàbaid, chaidh smàladairean a ghairm gu tubaist air an A82 faisg air Dabhach Gairbheach mu 17:55.
Chaidh boireannach a ghearradh à carbad agus a thoirt dhan ospadal.