Fear às a' Ghearasdan air a leòn am Paris

  • Air fhoillseachadh

Tha aithrisean ann gu bheil duine òg às a' Ghearasdan anns an ospadal an dèidh nan ionnsaighean ceannairc ann am Paris Dihaoine.

Bha Callum Dòmhnallach, a tha 24 bliadhna a dh'aois, am measg na bh' ann an Talla-ciùil Bataclan far an do loisg gunnairean air an t-sluagh.

Bha beachd ann an toiseach gu robh e a dhìth ach thathas a-nis ag aithris gu bheil e san ospadal.

Chan eil fios le cinnt dè cho dona 's chaidh a leòn ach gun do chuir dotairean gun mhothachadh e.