Colaiste Inbhir Nis ga fosgladh gu h-oifigeil
- Air fhoillseachadh

Tha Colaiste Inbhir Nis, a chosg £60m, am measg nan togalaichean a th' aig campas ùr an UHI.
Fosglaidh a' Bhana-Phrionnsa Rìoghail, Seansalair Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, togalach ùr Colaiste Inbhir Nis gu h-oifigeil Dimàirt.
Gheibh i cuairt timcheall na làraich - a chosg £60m - mus tèid leac fhoillseachadh gus an là fosgaidh a chomharrachadh.
Thèid tachartas a chumail sa cholaiste às dèidh làimh a' comharrachadh soirbheachas nan oileanach aig an UHI, a thuilleadh air an luchd-obrach agus feadhainn a th' air taic a chur ris thar nam bliadhnaichean.
Thèid òraid cuideachd a thoirt seachad leis an sgrìobhadair agus an stiùiriche, Dùbhghlas MacFhionghain, a tha aithnichte 'son na h-obrach a rinn e air prògraman telebhisean a leithid Doctor Who, Sherlock agus Outlander.