Paris: taic ri fhaodainn do theaghlach Albannaich

Daoine taobh a-muigh a' Bhataclan Image copyright Getty Images
Image caption Bha Talla-ciùil a' Bhataclan am measg nan àiteachan air an deach ionnsaigh a thoirt Oidhche Haoine.

Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, gum faigh an teaghlach aig duine às a' Ghearasdan a chaidh a leòn ann an ionnsaighean ceannairc Pharis taic na consalachd.

Tha dùil gun robh Calum Dòmhnallach, 24, às a' Ghearasdan, am measg nan ceudan a chaidh a leòn.

Thuirt am BP Gàidhealach, Iain Blackford, ri Taigh nan Cumantan, gun deach innse dha gun robh Mgr Dòmhnallach aig Talla-ciùil a' Bhataclan nuair a loisg luchd-gunna air an t-sluagh a bha an làthair.

Bha Teresa May ag ràdh: "Tha sinn a' cuimhneachadh air agus air a theaghlach agus a charaidean.

"Gheibh na teaghlaichean aig daoine a th' anns an ospadal taic na consalachd."

Bha Mgr Blackford, am BP airson Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abair, air innse dhan Phàrlamaid na bu tràithe gun d' fhuair e fios gun deach Mgr Dòmhnallach a leòn anns na h-ionnsaighean Dihaoine.

Thuirt e: "Fhuair mi an naidheachd dhuilich bhon Phress and Journal, pàipear-naidheachd ann an Alba, gu bheil fireannach òg às a' Ghearasdan, Hamish Dòmhnallach, air am bithear cuideachd a' gabhail Callum Dòmhnallach, gun mhothachadh anns an ospadal ann am Paris às dèidh dha a bhith air a ghlacadh anns an ionnsaigh aig a' Bhataclan."

Chaidh 89 duine a mharbhadh agus còrr air 100 a leòn nuair a loisg luchd-gunna air na daoine a bha a' coimhead a' chòmhlain Aimeireaganaich Eagles of Death Metal oidhche Haoine.