Àireamh nan Traon sìos
- Air fhoillseachadh

Bha droch sheusan aig traoin an Alba, a rèir an RSPB, agus tha dùil gur e an droch shìde as t-Earrach agus anns an t-Samhradh a bu choireach.
Thuirt an RSPB gun do thuit an àireamh de thraoin a chaidh a chunntadh faisg air a' chòigeamh cuid.
Bidh daoine gan cunntadh le bhith ag èisteachd ri gairmeam nan eun fireann.
Chaidh 1,069 a chunntadh am-bliadhna, an taca ri 1,289 an-uiridh - an àireamh a b' àirde airson 45 bliadhna.
Bidh traoin a' sgèith à Afraga a dh'Innse Gall.
Tha an àireamh as motha aca ann an Tiriodh, far an deach 333 eòin a chunntadh am-bliadhna.
Thuirt an RSPB gun deach àireamhan an-àirde beagan ann an Ìle is Eilean Ì, ach gun robh ìsleachadh ann an cha-mhòr a h-uile ceàrnaidh eile den Ghàidhealtachd.