Cead ga dhiùltadh airson tuathan-gaoithe an Cataibh

  • Air fhoillseachadh

Dhiùlt ministearan aig Riaghaltas na h-Alba cead a thoirt seachad do dhà thuath-gaoithe ann an Cataibh.

Bha Oighreachdan Shalachaidh is Dhubh Choille airson 22 chrann a thogail.

Dh'iarr a' chompanaidh mhòr chumhachd SSE cead airson 23 crainn.

Thuirt ministearan aig Riaghaltas na h-Alba gum biodh buaidh ro mhòr aig na planaichean air "talamh fhiadhaich".

Bha Ministear a' Chumhachd, Fearghas Ewing, ag ràdh: "Tha sinn air a dhèanamh soilleir gum feum tuathan-gaoithe a bhith anns na h-àiteachan ceart an Alba, agus tha poileasaidh dealbhachaidh na h-Alba air ceamannan a stèidheachadh a tha a' ciallachadh gun tèid tuathan-gaoithe a chur ann an àiteachan freagarrach."

Thuirt e gun do sheall e gu mionaideach ris na planaichean, ach gum "biodh buaidh ro mhòr aca air coltas an àite".

Bha SSE ag ràdh gur e bristeadh dùil a bh' anns an naidheachd.

Thuirt iad cuideachd gun sealladh iad ris na roghainnean a th' aca co-cheangailte ris a' phròiseict mus can iad an còrr.