Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannaircich

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gu bheil ceannaircich Ioslamach a' dèanamh oidhirp mhòir air ionnsaighean air-loidhne an aghaidh Bhreatainn. Ann an òraid air prìomh òifis na seirbheis tèarainteachd, GCHQ, thuirt e gu bheil radaigich ag amas air a h-uile roinn, bho shiostam nam bancaichean, ospadail, gu seirbheis iùil nam port-adhair, agus dh'innis e gun tèid ionmhas airson tèarainteachd air-loidhne a dhùblachadh gu faisg air £2bn ro 2020.

Paris

Tha aithrisean às an Fhraing gun d' fhuair na Poilis taigh san robh feadhainn a thug na h-ionnsaighean air Paris oidhche Haoine a' fuireach. Tha an taigh ann an sgire Bobigny, beagan an ear-thuath air Paris. 'S thug itealain chogaidh na Frainge ionnsaighean eile air làraichean na Stàite Ioslamaich ann an Siria an-raoir. Chaidh bomaichean a leigeil air togalaichean agus campa trèanaidh IS ann am baile Raqqa.

Tunisia

Chaidh 17 duine a chur an grèim ann an Tunisia agus na h-ùghdarrasan an sin ag ràdh gun do chuir iad stad air plana airson ionnsaigh mhòir air sreath de thaighean-òsta air a' mhìos seo. Thuirt IS rona seo gur iadsan a bh' air cùlaibh dà ionnsaigh mhòir ann an Tunisia am-bliadhna mar thà, anns an deach mu 60 luchd-turais a mharbhadh.

An Ruis

Thuirt an Ruis airson a' chiad uair gu bheil iad cinnteach a-nise gun deach boma a chur air a' phlèana Ruiseannach a thuit faisg air Sharm el Sheikh anns an Èipheit aig deireadh na mìos a chaidh, anns an do chaill 224 am beatha. Thuirt an Ceann-Suidhe Putin gun tèid an fheadhainn a rinn sin a lorg agus a pheanasachadh.

Fògarraich

Tha dùil ann an Glaschu an-diugh ris a' chiad phlèana a' toirt fhògarrach à Siria gu ruige Breatainn. Gheall Breatainn 20,000 Sirianach a ghabhail air an ath-chòig bliadhna, agus thèid dachaigh a thoirt do 2,000 dhiubh sin ann an Alba.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil cunnart ann, le cho teann 's a tha am buidseat, gun tèid seirbheisean a ghearradh air an robh iad a' cur dìon rona seo. Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, nach bi fios aca le cinnt airson mìos no dhà fhathast dè na seirbheisean agus cosnaidhean a dh'fheumas falbh.