Drochaid ùr don Bhlàr Dhubh

  • Air fhoillseachadh
Am Blàr DubhTùs an deilbh, Richard Webb/Geograph

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tòisich obair togail aig toiseach na h-ath-mhìos air drochaid thairis an loidhne Rèile air a' Bhlàr Dhubh.

Chaidh an cùmhnant luach £3.3m a thoirt dhan chompanaidh togail George Leslie Eta.

Thèid a thogail gu tuath air an drochaid a th' ann an-dràsta air a bheil solais-rathaid ri linn 's gur e drochaid aon-fhillte a th' innte.

Nuair a bhios am pròiseact deiseil an ceann 18 mìosan thèid an drochaid a th' ann a leigeil.