Sgeulachd fhuadain mu Abrach Pharis
- Published
Thuirt ùghdarrasan na Frainge 's na Rìoghachd Aonaichte nach eil fiosrachadh sam bith aca mu aithrisean gun deach fear bhon Ghàidhealtachd a ghoirteachadh sna h-ionnsaighean ceannairc ann am Paris.
Chaidh cur às don chunntas Twitter a sgaoil an naidheachd mu fhear 'Hamish Calum Dòmhnallach às a' Ghearasdan" is coltas ann a-nise nach robh ann ach breugan.
Bha boireannach ag ràdh gur e co-ogha dhi a bh' ann.
Cha d' fhuair am BBC lorg air duine sa Ghearasdan a bha eòlach air Hamish Calum Dòmhnallach ge-tà.
Chaidh an gnothach a thogail ann an Taigh nan Cumantan Diluain le BP Rois, an Eilein Sgitheanaich is Loch Abar, Iain Blackford.
Thuirt Mgr Blackford oidhche Mhàirt gun robh coltas ann a-niste gur e sgeulachd fhuadain a bh' ann, 's gur e tàmailt a bh' ann.