Ceist mun bhann-leathann luath an Ùig' Leòdhais

Càballan LAN

Tha ìmpidh ga cur air BT fibreoptic a chur an sàs ann an sgìre Ùig' ann an Leòdhas.

Tha dà phròiseact a tha a' dol anns an sgìre - Ionad Hiort agus Ionad-rannsachaidh na Mara 's nan Speuran aig Gob a' Ghallain - dham bi ceangalaichean eadar-lìn bunaiteach.

Ach chan eil an eadar-lìon san sgìre aig ìre.

Tha gach buidheann a' sireadh fhreagairtean bho leithid BT agus HIE mu dè seòrsa seirbheis a gheibh iad.

Call Mòr

Tha fear de luchd-comhairlichidh Companaidh Ionad Hiort, Calum MacIllEathain, den bheachd gu bheil BT an cunnart cothrom PR fìor mhath a chall.

"Tha sinn aig ìre a-nis far a bheil sinn an dòchas an ath-bhliadhna am prospectus, am plana leasachaidh agus am plana gnothachais fhoillseachadh," thuirt e.

"Mu theis-mheadhain na h-ath-bhliadhna bidh co-labhairt againn a chuireas am prospectus agus am plana air bhog, agus bidh fios againn an uair sin dè an ìre aig a bheil sinn dha-rìribh a' dol a dh'fhaighinn an airgid a chuireas Ionad Hiort air chois.

"Tha tòrr taic air a thighinn a-steach air a chùlaibh, ach chan eil teagamh sam bith, às aonais fibreoptic a thighinn dhan sgìre tha sinn gu bhith a' faicinn duilgheadasan mòra a' nochdadh.

"Chan eil e a' coimhead coltach aig an ìre seo gu bheil Ùig' na pàirt de na planaichean aca, 's tha sin a' ciallachadh gu bheil duilgheadasan mòra gu bhith aig an sgìre san fharsainneachd Ionad Hiort ann no às.

"Thig call mòr na chois sin, le tuigse gu bheil Ionad Hiort comasach a bhith na rud cudromach dha-rìribh aig ìre eadar-nàiseanta, agus 's e sin aon de na h-adhbharan gu bheil UNESCO a' sealltainn na h-uimhir de dh'ùidh ann agus air a thighinn a-steach cho làidir air a chùlaibh gu bheil iad air ainmeachadh mar an sgrùdadh cùise aca air Cothrom Iomallach air Dualchas na Cruinne.

"Gu ruige seo chan eil e idir soilleir dè na planaichean a th' aig BT, ach chan eil càil air nochadh aig an ìre seo a tha a' toirt dhuinne dòchais.

"Tha seo a' togail tòrr cheistean a thaobh dè an fheallsanachd a tha BT agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' leantainn - agus an Riaghaltas nuair a thig e sìos gu aon 's gu dhà - carson nach eil sgìre Ùig' a' faighinn an aon sheirbheis 's a tha a' chuid eile de dh'Eilean Leòdhais a' faighinn?

Nàiseanta?

"Chan eil teagamh sam bith, às aonais sin, chan eil an aon chothrom gu bhith ann airson eaconamaidh na sgìre a leasachadh, agus airson leasachaidh shòisealta san sgìre.

"Agus tha tòrr cheistean nam inntinn fhìn, agus ann an inntinnean na coimhearsnachd a tha seo, carson a tha sinne air ar gearradh a-mach bho sheirbheis a tha, 's a bu chòir a bhith, gu nàiseanta?

"Tha ceistean a' dol air ais chun an Riaghaltais mu dheidhinn dha-rìribh dè cho nàiseanta 's a tha an t-seirbheis seo?

"Agus ma tha àiteachan gu bhith air am fàgail a-mach àiste, carson a tha sin a' tachairt?

"Tha sinne an dòchas co-dhiù gum faic BT agus gum faic an Riaghaltas gur e "sgeulachd deagh naidheachd" a th' ann ma ghabhas rudeigin math a dhèanamh an seo an àite a' chron a thig an cois a bhith air ar gearradh a-mach air fad - mar a tha e a' coimhead coltach gum faodadh a thachairt an-dràsta co-dhiù," thuirt e.